Tha a’ mhòr-chuid de thubaistean ann an raointean-cluiche air adhbharachadh le uachdaran cruaidh a leithid feur, tarmac agus concraite a tha a-nis air am measadh neo-iomchaidh.

Rùsg-craoibhe nàdurra air a dhèanamh gu sònraichte airson raointean-cluiche gus uachdar glan, tioram, bog agus sàbhailte a thoirt dha clann. Is e rùsg-craoibhe dhen sònrachadh as àirde a tha ri fhaotainn agus tha gach cùram air a ghabhail gus dèanamh cinnteach nach biodh mòran fiodh na bhroinn.

Tha e a’ co-fhreagairt stiùireadh coitcheann Bhreatainn (BS7188) a thaobh tuiteam à àirde.

Meud Ìre PH Dùmhlachd Susbaint Fiodha Ri fhaotainn ann an
20 – 60mm 4.5 – 5.5 < 3 g/L < 5% Bagaichean 70L,
Bagaichean 1.5cu,
Lòdan

Stiùireadh Cleachdaidh

Chan eil stiùireadh foirmeil ann airson rùsg-craoibhe ann an raointean-cluiche agus bu chòir dhuibh measadh cunnairt a dhèanamh mar a tha iomchaidh dhan t-suidheachadh agaibh fhèin.

Airson an toradh as fheàrr, ullaichibh an sgìre le bhith a’ toirt air falbh na luibhnich. Cuiribh còta plastaig sìos air an talamh rùisgte an toiseach agus an uairsin cuiribh sìos ìre rèidh de rùsg-craoibhe gu doimhneachd a tha iomchaidh dhan t-suidheachadh agaibh fhèin.

Cumaibh sùil air an àite cluiche gu tric gus dèanamh cinnteach gu bheil còmhdach gu leòr air agus airson stuth spruilleach agus luibhnich a thoirt air falbh cho luath ’s a ghabhas.

Air ais