Rùsg-craoibhe a chleachdas an stuth amh as fheàrr. Tha coltas gu math sgeadachail air agus faodar a chleachdadh airson a h-uile seòrsa mulchadh far a bheil an coltas as fheàrr a dhìth.

Mairidh e ùine mhòr ma tha e air a chumail gu ceart agus air a chur sìos gu doimhneachd 50mm aig a’ char as lugha.

Meud Ìre PH Dùmhlachd Susbaint Fiodha Ri fhaotainn ann an
20 – 60mm 4.5 – 5.5 < 3 g/L < 5% Bagaichean 70L,
Bagaichean 1.5cu,
Lòdan

Stiùireadh Cleachdaidh

Leapannan agus Crìochan

Ullaichibh an sgìre le bhith a’ toirt air falbh na luibhnich. Cuiribh ìre rè 2-5cm air uachdar an talmhainn.

Airson an toradh as fheàrr cuiribh còta plastaig sìos fon rùsg-craoibhe agus gearraibh tuill ann gus na lusan a’ phlanntachadh ann. Nuair a tha seo dèanta cuiribh ìre rèidh de rùsg-craoibhe thairis a’ chòta plastaig gus a fhalach.

Thoiribh luibhnich air falbh cho luath ’s a nochdas iad agus cuiribh rùsg-craoibhe ùr sìos gach bliadhna.

Leapannan agus Crìochan

Fàgaibh 5-7cm aig mullach gach soitheach. Nuair a tha sibh deiseil le planntachadh cuiribh ìre rèidh 3-5cm de rùsg-craoibhe air uachdar an ùire. Bidh seo ag obair mar còta-blàthachaidh le bhith a’ gleidheadh uisge ann an amannan tioram agus a’ dìon bho mhilleadh reothaidh.

Thoiribh luibhnich air falbh cho luath ’s a nochdas iad agus cuiribh rùsg-craoibhe ùr ann mar a tha iomchaidh.

Air ais