Chaidh Bannerman Seafoods a stèidheachadh anns na 1960an le Robert agus Iain Bannerman ann an Baile Dhubhthaich, Ros an Ear. Aig an àm seo cha robh ach triùir neach-obrach a’ làimhseachadh mùsgain-chaoil anns am factoraidh againn.

Dh’fhàs an companaidh gu cunbhalach agus aig deireadh nan 1960an chaidh a mheudachadh le loidhne ùr airson earbaill giomach-geàrr còmhdachadh le criomagan àrain agus uidheamachd reòta ùr airson pìosan singilte reòtachadh gu luath.

Ann an 1983 thog sinn factoraidh ùr de 2000m2 air talamh ri taobh an seann fhactoraidh. Am broinn am factoraidh ùr seo bha fuaradair ùr agus reòthadairean ùra a chleachd uidheamachd reòta leth-ghlùasadach a’ leigeil leis a’ chompanaidh an comas làimhseachaidh againn a mheudachadh.

Stuthan Amh

Tha sinn a’ speisealachadh ann an earbaill giomach-geàrr còmhdachadh le criomagan arain. Bidh sinn a’ cleachdadh an stuth amh dhen inbhe as àirde bho phuirt air feadh na h-Alba, nam measg Geàrrloch, Ulapul, an t-Eilean Sgitheanach agus Loch an Inbhir mus do sguir e obrachadh.

Bidh sinn cuideachd a’ ceannach earbaill bho luchd-làimhseachaidh eile a leithid Keltic Seafare, Celtic Seafoods, Sutherland Game agus Laeso Seafoods.

Thèid na h-earbaill an uairsin a ghluasad dhan fhactoraidh againn ann am Baile Dhubhthaich airson làimhseachadh.

Pròiseasan

Thèid na h-earbaill a nighe, a dhearbhadh, a thomas agus a thoirt bho na sligean le bhith a’ cleachdadh peileadair no siostam uisge. As dèidh seo thèid an reòtachadh no an còmhdachadh le criomagan arain.

Bathar Crìochnaichte

Tha timcheall air 65% dhen toradh againn air a chòmhdachadh le criomagan arain agus tha an 35% a tha air fhàgail air a reic mar earbaill rùisgte. Faodar barrachd ionnsachadh mu na toraidhean againn gu h-ìseal.

Margaidean

Anns an Rìoghachd Aonaichte ’s e sgaoileadairean eile agus taighean-òsta na prìomh luchd-ceannach a th’ againn. Bidh sinn cuideachd a’ reic ri luchd-ceannach ann an dùthchannan eile a leithid An Fhraing, An t-Spàinn, a’ Ghréig agus na Stàitean Aonaichte agus an dràsta tha sinn a’ feuchainn ri margaid ùr a fhosgladh ann an Croatia tro companaidh lìbhrigidh a tha stèidhichte anns a’ Ghearmailt.

An Sgioba Againn

Robert Bannerman

Robert Bannerman

Stiùiriche

01862 892322
bannerman.seafoods@gmail.com

Ross Bannerman

Ross Bannerman

Stiùiriche

01862 892322
bannerman.seafoods@gmail.com